Back

Dòmhnall an Dannsair

Lyrics:

Sèist

Dòmhnall an Dannsair is srann aige tighinn,
Bidh lùb air a' chrann 's gach ball an ruigheadh;
Nuair gheibh thu 'n taigh Angais dram no dithis,
Gun gearradh tu figear air cabhsair.

Am bàta dubh, daraich a th' agadsa daonnan,
Cosnadh an arain ag aiseag nan daoine;
Chan fhan thu aig baile latha gaillinn no gaoithe,
Gur cò-dheas leat Faoilteach no samhradh.

Sgiobair ga stiùireadh 's a shùil air an iarmailt,
'S i gearradh muir dhubh-ghorm gu dùthaich na riaghailt;
'S e baile nam bùthan tha 'n iùbhrach ag iarraidh,
Cho luath ris an fhiadh 's e na dheann-ruith.

Ri brais an t-sruth lìonaidh gu sìnteagach uallach
Nuair shèideadh am brìos oirre, shìneadh i gualainn
Thèid i gu dìreach gu tìr nan daoin'-uaisle
Ged shèideadh e cruaidh ann an ceann oirr'.

Nuair thog thu siùil bhàna ri bàrr a cruinn chaola,
Leumadh is chrathadh i, 's ghabhadh i 'n aodainn;
Sgrogadh tu bhonaid dà chromadh air d' aodann
'S tu gearan an t-aodach bhith gann oirr'.

'S e MacIlleDhuibh a fhuair urram a' chruadail,
Sgoilteadh e 'm buinne na mheallaibh o cruachain;
Seall sibh na luingeis air eagal am fuadach,
A' fuireach an Cluaidh fad a' gheamhraidh.

Thu tighinn gu seòlta 's tu eòlach sna sgeirean
Tha cliù ort, a Dhòmhnaill, feadh chòrsaichean eile;
Do chombaist an òrdugh ga seòladh san deireadh,
Gad chumail far Eilean nan Gamhna.

Do ghillean cho fileant' gu riofadh a h-aodaich
Ainmeannan bòidheach air ròpannan caola;
'S mas e 's gun tig ceò ort ga seòladh tron Chaolas
Bidh fear air gach taobh dhith le lanntair.

'S e 'm fasan a bh' agad nuair bha thu 'n tùs d' òige
Air tilleadh do Ghlaschu dhachaigh thar bhòidse,
Dh'òladh tu uile do chuid san taigh-òsta
Is shuidheadh tu còmh' ri tè Ghallda.

Tha balaich a' bhaile seo tachairt ort daonnan
Eagal nam blaigeardan 's bail' Inbhir Aora;
Cha b' iongnadh leam idir ged shèideadh tu caonnag
Nuair chì iad thu, laochain, 's an dram ort.

Tha uaislean a' bhaile seo tighinn gu stràiceil,
Lem brataichean geala 's am bathar gud bhàta,
A' phacaid bheag Liosach 's i tighinn gu sàbhailt',
Le ìm agus càis' gu MacLabhrainn.