Don Chuthaig
Lyrics:
O fàilte ort fhèin, a chuthag ghorm,
Led òran ceòlmhor milis!
'S e seirm do bheòil sa Chèitein òig
A thogadh bròn o m' chridhe.
'S ro bhinn leam d' fhuaim sa mhadainn Chèit'
'S tu air bhàrr geug san innis,
No am feasgar ciùin aig bun nan stùc
Nuair bhiodh an drùchd a' sileadh.
O innis càite an robh do thriall
Nuair bha na siantan fionnar,
No an robh thu 'd thost, gun chàil, gun toirt
An còs a' chnuic fo dhubhar?
'S mòr m' fharmad riut, a chuthag chòir,
Cha dèan thu bròn nad shiubhal,
Chionn tha do dhoire daonnan gorm
'S do chridhe an còmhnaidh subhach.
Ged theicheas tu ron fhuachd air àm
Gum faic do ghleann thu rithist,
Ach nuair bheir mise ris mo chùl
Cha bhi mo dhùil ri tilleadh.
'S truagh nach b' urrainn domh leat triall
Air astar sgiath nar dithis,
Le caismeachd bhinn toirt fios gach àm
Nuair bhiodh an samhradh tighinn.