Back

Duanag a' Chìobair

Lyrics:

Gu bheil mulad air m' inntinn
Bhon latha thàinig mi an tìr seo
'S nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg.

Bho nach fhaic mi mo nighneag dhonn òg,
Mi an seo an Dùn Èideann ann an comann luchd Beurla
'S chan eil m' inntinn ag èirigh rin ceòl.

Chan eil m' inntinn ag èirigh rin ceòl,
On dh'fhàg mi mo chaileag dhan tug mi gaol falaichte
'S ann a dh'fhàg mi i an Raineach nam bò.

'S ann a dh'fhàg mi i an Raineach nam bò,
'S ann a dh'fhàg mi mo chuachag an òir-fhuilt chama-lubaich, chuachaich
An taobh thall de Dhruim Uachdair an fheòir.

An taobh thall de Dhruim Uachdair an fheòir,
Tha deud snaighte mar dhìsnean am beul meachair mo rìbhinn,
Calpa cuimir is troigh uallach am bròig.

Calpa cuimir is troigh uallach am bròig,
'S ged a chruinnicheadh an dùthaich gu Fèill Chinn a' Ghiùthsaich,
Cha bhiodh tè ann dhan dùraiginn pòg.

Cha bhiodh tè ann dhan dùraiginn pòg,
Ged bhithinn seachd bliadhna mach a' siubhal nan crìoch seo
Tè eile chan iarrainn 's tu beò.