Lyrics:
Sèist
Guma slàn don rìbhinn òig
Tha tàmh an eilean gorm an fheòir.
'S e dh'fhàg m' inntinn trom fo leòn
Nach fhaod mi 'n còmhnaidh fuireach leat.
An àm dhuinn dealachadh Dimàirt,
Gun fhios an tachair sinn gu bràth,
Gun d' iarr mi gealladh air mo ghràdh
'S a làmh gum biodh i fuireach rium.
Shiùbhlainn deas is shiùbhlainn tuath,
Dh'fhuilinginn acras agus fuachd,
'S cha ghearaininn air smùid a' chuain
Nam buannaichinn a' chruinneag ud.
'S ged tha mi 'n seo air bhàrr nan sian,
A' sabaid ris a' Chuan an Iar,
Cha bhi mi cuimhneachadh mo dhìol
Nuair nì Caitrìona furan rium.