Back

Ealaidh Ghaoil

Gur Gile Mo Leannan

Lyrics:

Sèist

Air fàillirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Air fàillirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Air fàillirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Gur bòidheach an comann th' aig coinneimh 'n t-Srath-mhòir.

Gur gile mo leannan nan eal' air an t-snàmh,
Na cobhar na tuinne 's e tilleadh gu tràigh,
Nam blàth-bhainne buaile 's a' chuach leis fo bhàrr,
No sneachd nan gleann dosrach ga fhroiseadh mun bhlàr.

Mar na neòil bhuidhe lùbas air stùcaibh nan sliabh,
Tha cas-fhalt mo rùin-sa gu siùbhlach a' snìomh;
Tha gruaidh mar an ròs nuair is bòidhche bhios fhiamh
Fo ùr-dhealt a' Chèitein mun èirich a' ghrian.

Mar Bhèineas a' boillsgeadh thar choilltean nan àrd,
Tha mìog-shùil gam bhuaireadh le suaicheantas gràidh.
Tha bràighe nan seud ann an èideadh gach àigh,
Mar ghealach nan speur 's i cur reultan fo phràmh.

Bidh 'n uiseag 's an smeòrach feadh lòintean an driùchd,
Toirt fàilte len òrain don òg-mhadainn chiùin;
Ach bidh 'n uiseag neo-sheòlta 's an smeòrach gun sunnd,
Nuair a thòisicheas m' eudail air gleusadh a ciùil.

Nuair thig samhradh nan neòinean a' còmhdach nam bruach
Bidh gach eòinean sa chròc-choill' a' ceòl leis a' chuaich;
'S bidh mise gu h-èibhinn a' leumnaich 's a' ruaig
Fo dhlùth-gheugaibh sgàileach a' mànran rim luaidh.