Eathar Dubh à Bradhagair
Lyrics:
Hò rò chunna mi
'S gu faca mi i seòladh;
Hò rò chunna mi
'S gu faca mi i seòladh;
Hò rò chunna mi
'S gu faca mi i seòladh;
A' dol os cionn a' Bhraga
Moch sa' mhadainn air Di-Dòmhnaich.
Chunna mi bhon doras
Moch sa mhadainn 'n àm dhomh èirigh,
Eathar dubh à Bradhagair,
'S e shaoil mi bh' innte, "Whaler";
Sac oirre do chanabhas
A bha cur fodha gèillean,
Ag iarraidh chun na h-acarsaid
'S na bodaich 's iad 'nan èiginn.
Anmoch air Disathairn'
Ann an sruth a' Ghallan Ùigich,
'N àm cur oirre canabhas
'S na bodaich air co-dhùnadh,
Chaill i 'n t-iarann iarach
A bha 'n ceanglaichean na stùire,
'S chaill Bodaich Bhradhagair
An dachaighean 's an cùrsa.
Chunnaic fear an t-Signal i
'S gun fhios cò às a dh'fhalbh i;
Chuir e suas bratach riu',
'S bha acasan tè dhearg ris,
Ag innse mar a thachair dhaibh
Disathairn', 's e cho anmoch,
'S an naidheachd sin a lìobhraigeadh
'S a h-innse 'n sgìre Bharbhais.
Nuair shoillsich an là dhaibh
'S a dhearc iad air a' Champar,
Bha cuid ac' ann an agartas
Am b' e sud fearann Leòdhais;
Ach thuirt fear de na maraichean
Gum b' aithne dha an tom ud,
Gun leugh e fhèin na leabhraichean
'S gu leòr aca fo rùm dhiubh.
Suas Caolas a' Bhraga
'S an acarsaid fo gualainn,
Cha robh guth air Latitude
No sgoil na mara 'n uair sin;
Bha fear aig a' Windlass
A' tomhais leis a luaidhe;
'S ann dh'ionnsaich e an t-seòldaireachd
Bho òige ri na cruachan.
Nuair ràinig iad an acarsaid
Cha robh na bodaich fialaidh,
Cha reiceadh iad an langa,
No na sgaitean air na b'fhiach iad;
Ach reiceadh iad a' bhiorach rinn
Air sgillinn thoirt an t-sia orr';
Nach b'annasach an naidheachd sin
Ga reic an Nis le Siaraich.
Cheud chuimhne th' agam-sa,
Mar as aithne don an t-sluagh e,
Cha tigeadh bodaich Bhradhagair
Reic bhiorach rinn an uair sin;
Bha iasgairean sa bhaile seo
A chuireadh iad cho suarach
'S nach leigeadh, le an aineolas,
A rèiteach an cuid shuap iad.