Back
Eilean Cholla
Lyrics:
S tu nì mi mholadh le aoigh 's gu toileach,
Eilean Cholla dan tug mi luaidh,
Far an d' fhuair m' àrach nuair bha mi 'm phàiste,
'S tu gheibh chiad àite gu bràth nam smuain.
Le aoigh 's le sòlas gun seinn mi òran
Don àite 's bòidhche leam fhìn fon ghrèin;
'S tu, Eilean Cholla, nì mise mholadh,
An t-eilean mollach dan tug mi spèis.
Do chladach fiadhaich nuair bhios na siantan
Le oillt a' siabadh do thìr mun cuairt,
Ach bòidheach, greannmhor, ri fèath an t-samhraidh,
'S e dùsgadh sannt' a bhith measg an t-sluaigh.
Mo dhùrachd blàth nunn don eilean àghmhor
San robh mo chàirdean a' tàmh bho chian;
'S e 'n t-Eilean Collach nì mise mholadh,
An t-àit' as àill' air 'n do sheall mi riamh.