Back
Eilean Fraoich
Lyrics:
Sèist
Eilean Fraoich, Eilean Fraoich,
Eilean Fraoich nam beann àrd',
Far an d' fhuair mi m' àrach òg,
Eilean Leòdhais mo ghràidh.
Far an robh mi làithean m' òig'
Ruith gun bhròig dol don tràigh,
'S mi ri streap gu nead an eòin
Anns gach còs sam bi àl.
Thug mi greis de làithean m' òig'
Air a' mhòintich nam phàiste;
'S mi ri tional nan laogh òg',
Is nam bò aig an tràth.
Far am faca mi an òigh,
Thuit mi òg oirr' an gràdh;
'S ann a chionn nach eil i beò
Tha mi seòladh thar sàil'.
'S ged a bheirte dhomh an tìr-s',
Eadar chraobhan is bhàrr,
B' fheàrr leam a bhith measg an fhraoich
Ann an tìr nam beann àrd'.