Back
Eilean Ì
Lyrics:
S i annsachd mo chridhe, 's i solas mo shlighe,
I cho bòidheach, cho fìnealt, cho tlàth,
'S i leug an taobh siar an t-eilean beag ciar,
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghràidh.
Ged a sheòl mi an cuan gu na dùthchannan cèin,
Ged a chuartaich mi 'n saoghal gu lèir,
Chan eil àite fon ghrèin' tha nas bòidhche leam fhèin,
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghràidh.
Tha mi fad' nis bho d' thràigh 's bho do thonnan len gàir',
'S mo chridhe fo mhulad 's fo phràmh,
Ach thèid mi fhathast air chuairt gu do mhachraichean uain',
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghràidh.
Nan robh mi san speur mar uiseag air sgèith,
Anns an iarmailt cho gorm is cho ciùin,
Ort dhèanainn mo chùrs' anns an fheasgar le sunnd,
Eilean Idhe nan naomh, Idh' mo ghràidh.