Back

Eilean Leòdhais, Tìr Nan Gaisgeach

Lyrics:

Sèist

'N tèid thu leam, a rìbhinn mhaiseach,
'N tèid thu leam, a rìbhinn òg?
'N tèid thu leam, a rìbhinn uasal
Null air chuairt a dh'Eilean Leòdhais?

Eilean Leòdhais, tìr nan gaisgeach,
Tìr nan lasgar is nan sàr,
Càite am facas riamh no 'n cualas
Laoich air chuan thug orra bàrr?

Chì thu 'n t-àite san deach m' àrach
Mun do dh'fhàs mi gu bhith mòr,
Canaidh tu gur baile brèagha
Lionail, ann an Eilean Leòdhais.

Chì thu m' athair ann 's mo mhàthar,
Mo bhràithrean 's mo phiuthar òg,
'S gheibh thu iadsan tha dhomh càirdeach,
Crìdheil bàidheil, mar bu chòir.

Chì thu ann gach nì mar shaoilear,
'S le mo dhùrachd siud mar bha;
O, ma thèid thu leam a chaoidh ann,
Gheibh thu caoibhneas agus blàths.