Eilean mo Ghaoil
Lyrics:
Sèist
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu bràth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
'S toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blàr,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Is toigh leam gach eun th' air sgiath an eilean mo ghràidh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach latha.
Bidh smeòrach nan geug 's i fhèin a' seinn air a gràdh,
Do eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.
Tha ghealach 's a' ghrian ag iadhadh eilean mo ghràidh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.