Back

Eilean Muile mo Ghràidh

Lyrics:

Eilean àlainn mo chridhe 's tu Muile mo ghràidh
An tìr tha fo choilltean le beanntan cuir sgàil,
Tha dhealbh a' tighinn thugam, 's tric a dhùisginn na xxx
Faic àilleachd Caol Muile ann am bristeadh an latha.

Gun do sheas mi air d' àite is choimhead mi Ì,
Far an d' rinn Calum Cille an soisgeal dhuinn inns,
Gus an tuit na tha 'd bheanntan, cha tèid 'n ainmean a dhìth,
An Naomh Calum Cille thugas eilean a chridh.

Tha càrn ann an xxx dhùisg smuaintean nam chridh',
Nuair sheas mi fo sgàile, bha sgeul' aig ri inns,
Mu Mhàiri NicDhòmhnaill sgrìobh òran cho binn,
Do leanabh an àigh, prionnsa àghmhor na sìth.

Soraidh slàn leat a Mhuile a dhùisg mi gu duan,
Soraidh slàn leis gach coille, gach doire is cluain,
Fhad 's a bhios mi maireann bidh m' inntinn 's mo smuain
Ann an eilean gorm Mhuile a tha fada thar chuain.