Eilean Na Hearadh
Lyrics:
Eilean na Hearadh, eilean cùbhraidh nan gleannaibh,
Bha mi òg ann nam bhalach 's mi casruisgt' na lòn,
Am fianais an Tàrainn air cùl Cille Chàrnain,
Siud agaibh an t-àite san deach m' àrach 's mi òg.
Nuair dhìreas mi suas ann air iomall a' Chruadhlaich,
Na Hearadh cho buadhach toirt bhuamsa na deòir',
Bha m' inntinn-sa cràiteach gus 'n d' fhuair mi bhith bàrdachd
Mun eilean as àill' air an d' fhàs bile feòir.
Loch Sìophoirt is Màraig is monadh Àird Àsaig,
Siud agaibh an t-àit' airson àl nan laogh òg,
Chì mi mun cuairt orm gach sruth agus fuaran
Ach cha chluinn mi am fuaim ac' le nuall nan damh mòr.
Guma slàn leis gach baile, gach òb agus carraig,
Gach gleann agus bealach far an caidil am fiadh,
Gus an tèid mi dhan anart bidh mo dhùrachd gun smàl air
Do dh'eilean na Hearadh tha fada mun iar.