Eilean Scalpaigh na Hearadh
Lyrics:
Eilean Scalpaigh na Hearadh,
Eilean maiseach mo ghràidh,
Eilean torrach nan gleannaibh,
Nam bealach 's nan càrn;
Far an robh mi o m' òige
Air bheag eòlais no càs
Falbh nan cluaineagan bòidheach
Tha mu Òb Cheann a' Bhàigh.
Rubha Glas a tha bòidheach
Thogadh òg ann mi suas;
Siud mo rogha àite-còmhnaidh
'M fianais mòr-thonn a' chuain,
'G èisteachd alltan a' bhearraidh
Ruith na dheannaibh a-nuas,
'S an àm èirigh is laighe
Ceòl na mara nam chluais.
Tìr nan òganan gasta
Tìr nan gaisgeach s nan sàr,
Tìr nam maraichean tapaidh –
Càit' am facas na b'fheàrr?
Tìr nan òighean tha maiseach,
Cliùiteach, faic'lleach nan gnàths –
Ann an grinneas s an dealbhachd
Fhuair iad ainm anns gach àit'.
Meall Chaileaboist tha sgiamhach,
Àite feuraich gach sprèidh -
Siud an sealladh as brèagha
Tha fo iarmailt nan speur,
Faicinn uain air gach bealach
Aotrom, ealant' a' leum
'S eòin an t-slèibh' 's iad ri caithream
Air gach bearradh is gèig.
Na chaidh seachad a linntean
Sheall iad dìlseachd gu bàs;
Thug iad fàthachd don an Rìgh ann,
'S airgead-cinn air bha àrd –
'M Prionnsa Teàrlach , an t-uasal
Rinn e suaimhneach ann tàmh,
'S cha robh neach ann thug suas e,
Ged bha ruaig air s gach àit'.
Soraidh slàn leis an eilean,
Eilean maiseach an fhraoich,
Eilean suairce na Gàidhlig
Far an do dh' àraicht' na laoich;
Gu ma slàn leis gach càrnan,
Gach tràigh agus caol -
Siud mo dhùrachd 's mo bheannachd
Do Eilean Scalpaigh mo ghaoil.