Back
Eilean Sgitheanach Nam Buadh
Lyrics:
Sèist
Thoir mo shoraidh dhan taobh tuath
Eilean Sgithanach nam buadh
'N t-eilean sin dan tug mi luaidh
Àit' is bòidhche fo na neòil
Thoir mo shoraidh dhan taobh tuath.
Ann an toiseach a' mhìos Mhàirt
Dh'fhàg mi eilean gorm mo ghràidh
Sneachd na thorran air an làr
Dh'fhàg siud mo mhàthair fo leòn
Anns a' mhadainn mhoch Diluain
Bha i ceudan mìl' bho Chluaidh
Fhuair na balaich na bha uath'
Farsaingeachd a' chuain fo sròin
B'fheàrr leam fhìn na mìle crùn
Mi bhith nochd air tìr san Dùn
Mi gun coisicheadh le sùnnd
Rathad ùr aig clann MhicLeòid