Back

Eilean Uibhist

Lyrics:

Thugaibh leam le uaill gu fonnmhor
Òran 's fonn do thìr mo ghràidh,
Uibhist rìomhach nan damh donn
A bhios nam smuain gu crìoch mo là.
Uibhist tìr nan ronnan àghmhor
Lochan àlainn, stùcan àrd;
O bu laoidheil, coibhneil, bàigheil
Gaisgeil, làidir anns gach càs.

O Chaol na Hearadh shuas mu thuath
Gu Cille Brìde fada deas,
Seinnidh mi le aoidh do mhòrachd
Do gach beann, gach gleann, is eas.
Càite 'm faic thu air an t-saoghal
Machraichean as àille snuadh?
'S bheir le cùbhraidheachd am fàileadh
Dath is dreach na slàint' gud ghruaidh.

Gheibh thu daoine cridheil, coibhneil
Feadh gach ceàrn do thìr mo ghràidh,
Iad nach diùltadh fasgadh oidhch'
Do choigrich a thig dhan àit';
Gheibh thu biadh ann agus aoidheachd
'S cha bhi faighneachd airson pàighidh,
On 's e fialaidheachd is coibhneas
Nàdar an t-sluaigh an tìr mo ghràidh.

Tha do chlann 's gach ceàrn den t-saoghal
Mòran dhiubh an inbhe àrd,
Ach cha diochuimhnich le faoineis
Iadsan tìr nam beanntan àrd;
Thoir mo shoraidh null do dh'Uibhist
Àite 's bòidhche leam rim bheò,
'S nach leig mi gu bràth à m' chuimhne
Gus an sìnear mi fon fhòd.