Back
Èiridh Bileag Ùr-ghorm
Lyrics:
Eiridh bileag ùr-ghorm
Às a' ghràinne sìl
Bha san talamh dhorcha
Iomadh latha sìnt';
Gràdh air tighinn beò
Is beath' air tighinn à bàs
Gràdh air tighinn beò
Mar fhochann òg a' fàs.
Chàraich iad don uaigh
Fear gràidh a fhuair am bàs;
Smaoinich iad nach gluaiseadh
E gu sìorraidh bràth;
Anns an talamh dùint'
Mar shìol ùr a' fàs,
Thàinig Esan beò
Mar fhochann òg a' fàs.
Air bhith dhà trì latha
Càraichte san ùir,
Dh'èirich E Là Càisge
Mar a' bhileag ùr;
Slànaighear beò
Thug buaidh air a' bhàs,
Gràdh air tighinn beò
Mar fhochann òg a' fàs.
Nuair bhios cridhe brùit'
An Dùbhlachd dubh ar cràidh
Fosglaidh Tu ar sùil
Ri Earrach ùr air fàir';
Achaidhean ar crìdh'
Bha riamh nan talamh bàn
Gràdh gan toirt beò
Mar fhochann òg a' fàs.