Fadachd An t-Seòladair
Lyrics:
Gun dèan mi rann 's mo chridhe trom,
Is mi fo chuing dham aindeoin,
Air bòrd an luing, 's mi sgìth is tinn,
'S an cuan na ghlinn dol seachad.
Thoir soraidh uamsa thar a' chuain,
Is innis don t-sluagh a dh'fhuirich,
Ma thig an t-sìth, dèan dhaibh-san inns',
Nach bidh sinn sgìth dol dhachaigh.
Bho èirigh grèin gu laighe sìos
Bidh sinn fo fhiamh 's fo eagal,
'S nuair thig an oidhch' cha chaidil sinn:
Bidh mi sa chrann ri faire.
Tha an geamhradh fuar 's an reothadh cruaidh,
Is smùid a' chuain gar dalladh.
O bheirinn duais bhith am blàths mo luaidh -
'S i chuireadh gruaim bhom fhaire.
Is truagh an-dràsta nach robh sinn cruinn
An tìr nam beann, mar chleachd sinn:
Tha cuid nach till, nach coinnich rinn -
Bidh an cuan 's na tuinn gam falach.
Nuair chì mi eun a' falbh air sgiath,
Bu mhiann leam bhith na chuideachd:
Gun dèanainn cùrs' air tìr mo rùin,
Far bheil an sluagh ri fuireach.
Nuair bhiodh sinn cruinn an taigh MhicAoidh,
Cha b' fhad an oidhche dol seachad;
Ged bhiodh e uair, cha bhiodh air gruaim
Ri èirigh suas sa mhadainn.
Bheir mi gu ceann na beagan rainn,
'S mi cluinntinn fear le feadaig
Toirt òrdugh teann bhith suas air ball,
'S an long a' fàgail caladh.