Fàgail Lios Mòr
Lyrics:
Deòir air mo shùil chaidh m' aighear air chùl,
Iùbhrach air ghleus gam ghiùlan thar sàil,
On tha mi gad fhàgail, eilean mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's àgh.
Sèist
Muile nam fuar bheann, Mòrbhairn' an àigh,
Apainn na grèine 's Latharn' mo ghràidh,
'S an t-eilean beag uain' an caidreabh a' chuain,
Eilean dan tug mi bàidh.
Cadal no dùsgadh cluinnidh mi uam
A' bhanarach òg ri luinneig mun chrò,
'S an ùr-mhadainn Chèit 's an smeòrach air geug
A' gleusadh a pìob gu ceòl.
Sìoda is sròl chan iarrainn rim dheòin,
No seudan is stòr no leabaidh chlòimh àrd,
B' e m' aighearachd bhuan an àirigh bheag uain'
Is cadal gu suain air làr.
Soraidh le coilltean, soraidh le tràigh,
Is soraidh le àilleachd, soraidh le bàigh,
On tha mi gad fhàgail, eilean mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's àgh.