Back

Fail il ì ho rò mo Chailin

Lyrics:

Fail il ì ho rò mo chailin,
Fail il ì ho rò mo ghaol,
Fail il ì ho rò mo chuachag,
Chan eil bhuam thu ach an caol.

Fada bhuam a chì mi 'n Cliseam,
Monadh far an robh mi sealg,
Far an robh mi òg nam bhalach,
Tha e 'n-diugh car fad air falbh.

Nam biodh am muir cho cruaidh 's gu seasainn,
Air a thonnan dhèanainn falbh,
'S chuirinn m' aghaidh air na Hearadh,
'S cha thillinn ri uisg' no stoirm.

Nam biodh Bùird Mhicleòid Dhùn Bheagain,
'S ceò na maidne dhiubh air falbh,
Gheibhinn sealladh air do bheannaibh,
Gu ruig mi thu, tha fadachd orm.

Tha mise seo air cùl cnoc eile,
'S o gu bheil nis' mulad orm,
On chuala mi gu bheil fear eile,
Tòir na tè thug dhomhsa dealbh.

Chan fhaigh thu bhuamsa litir tuilleadh,
Freagairt airson gin a dh'fhalbh,
Cha tig aon dhiubh air mo shloinneadh,
No tè a thoilleas orra m'ainm.

Fail il ì ho rò mo chailin,
Fail il ì ho rò mo ghaol,
Fail il ì ho rò mo chuachag,
Chan eil bhuam thu ach an caol.