Fail ò rò mar Dh'fhàg Sinn
Lyrics:
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn
Cur siùil ri croinn àrda,
Gillean gasta cliùiteach
A dùthaich nan àrd-bheann,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
Am bàta sheòl à Cluaidh leinn,
Bu bhuadhach air sàil i,
Bha fichead seòl 's a trì
Air an rìbhinn a b' àille,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
Cha b' iad balaich Ghallta
B' annsa leinn mar làmhan,
Ach prasgan de na Gàidheil,
Nach gèilleadh sa ghàbhadh,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
'N àm fàgail ar dùthcha,
'S cur dùil ri ar càirdean,
Dh'òl sinn slàint' nan nìghneag
Nach dìobar gu bràth sinn,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
Fosgladh a' chuain mhòir dhuinn
Gur brònach a bha sinn,
Call fair' air na slèibhtean,
Gu tìr chèin thar sàile,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
A-null an Cuan Siar dhuinn
Gum b' iargalta bha i,
Muir gu trom a' beucadh
'S ag èirigh na ghàir-ghil,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
Bha an sgiobair treubhach
'G èigheach dhol an àirde,
'S an long air a riasladh
'S an siaban gar bàthadh,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
Na siùil ged a reubadh,
'S ged dh'èireadh muir bàrcach,
Bha na balaich gleusta,
Gu grèim chur air càbaill,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.
Ma gheibh mis' a Leòdhas,
Far 'm b' eòlach a bha mi,
Searrag bidh air bòrd ann,
Le òran math Gàidhlig,
Fail ò rò mar dh'fhàg sinn.