Fàilte Bhraid Albainn
Lyrics:
Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
'S trom m' aigne 's mi tùrsach gu leòr,
A' sìor chuimhneach na dùthcha
Far 'n do chleachd mi bhith 'm bhuachaille bhò;
Gheibhte sitheann is iasg ann,
Is ealachan lìonmhor air snàmh,
Coileach-dubh agus liath-chearc,
'S ciod tuilleadh a dh'iarradh tu ann.
Chan eil sruthan gun iasg ann,
'S chan eil gleannan gun fhiadh ann na chòir,
Le minneanaibh riabhach
'S iad nan laighe gu lìonar measg feòir;
Damh cabrach 's sròn fiat aig'
Gabhail gaoith' ann an siantaibh nan neòil;
Bu shunndach leam bhith gan iarraidh
Ann am madainn chiùin ghrianaich gun cheò.
Càit a bheil ann an Albainn
Àit' as fheàrr na Braid Albann mo rùin?
Tìr nan gaisgeach bha dìleas
A sheasadh na fìrinn 's a' chrùin;
Gheibht' ann cruinneagan bòidheach
A sheinneadh dhuinn òrain bha binn;
Tìr nan gillean bha àlainn,
'S lìonmhor filidh a chaidh àrach nad ghlinn.