Back

Fàilte do dh'Eilean Leòdhais

O Nach Àghmhor

Lyrics:

O nach àghmhor a-nis bhith fàgail
An t-àite tàmh seo 's a' dol a sheòladh;
Le cridhe suaimhneach bidh mi ri gluasad
Gu eilean suairce nan cruachan mònach.

Ged tha 'n tìr seo ro-thlachdmhor rìomhach
Tha iomadh dìth oirr' tha dhomh na dhòrainn
Chan fhaigh mi 'n fhaochag na 'n duileasg caomh ann
Cha bhuain mi maorach na fraoch nam mòr-bheann.

Fhuair mi m' àrach am baile Lìonail,
A laigheas sgiamhach an Eilean Leòdhais,
'S a dh'aindeoin bòidhchead gach àite thriall mi
'S ann ann a dh'iarrainn gu siorraidh còmhnaidh.

Tha Mùirneag ainmeil is beanntan Bharabhais,
Nuair nì thu falbh às chì thu mar cheò iad;
Tha iad nas àirde os cionn gach àite,
Taigh-solais latha iad don bhàt' tha seòladh.

'S a rìbhinn mhaiseach ged dhèanainn rann dhut
A chaoidh cha gheall mi do thoirt à Leòdhas
On tha mi cinnteach nach biodh tu aoibhneach
Gach latha is oidhche a' caoidh do chòmhnaidh.

Nì mi co-dhùnadh na duanaig fhaoin seo
Le mìle dùrachd gu dùthaich m' eòlais;
Is ma bhios cùisean dol mar a lùiginn
Bidh mi ri stiùireadh mo chùrs' air Leòdhas.