Back
Fàilte Rubha Bhatarnais
Lyrics:
O fàilt' air Rubha Bhatairnis gur maiseach leam do
chluaintean,
Thoir soraidh slàn gu Hàllain 's nach fhaod mi thràigh a
bhualadh.
'S i Ghearmailt le cuid innleachdan a chuir mi fhìn gu
cuantan,
'S nam faighinn dhachaigh sàbhailte 's i Màiri nach biodh
gruamach.
'S gun aithnichinn fhìn do bheanntannan 's gach gleann a
tha mun cuairt dhut,
'S gur ann aig Lag an t-Sìthein tha 'n rìbhinn rinn mo
bhuaireadh.
Bha uair a gheibhte fiùrain ann an Trùmpan 's a' cheann
uachdrach,
A dh'fhalbh a dhìon ar dùthcha dhuinn tha 'n-diugh san ùir
mun cuairt dhaibh.
Tha 'n oidhche dorch 's i tarraing oirnn 's tha mulad air
mo bhuaireadh;
Tha ghaoth an ear a' sèideadh oirnn is Èirinn air an
fhuaradh.