Faoin Thàladh
Lyrics:
Sèist
Hì ho rò chaileag nach tèid thu a chadal,
'S hì ho rò chaileag 's tu airtnealach, fann,
Hì ho rò chaileag nach tèid thu a chadal,
'S gun dùisg thu sa mhadainn gun smalan, gun ghreann.
Am faca tu chaileag a' sìneadh air m' amhach,
Am faca tu chaileag na sradadh, na dèidh,
Am faca tu chaileag a' sìneadh air m' amhach,
'S le luaths a cuid chasan gu glacas an t-sliabh.
Am faca tu 'n cuilean a' losgadh le gunna,
Am faca tu 'n cuilean ri cuspair de ròn,
Am faca tu 'n cuilean a' losgadh le gunna,
'S am partan 's am butagoc 's m' ultach air òb.
Am faca tu 'n fiolain le bobhla mòr mine,
Am faca tu 'n fiolain, gille-flidir na còir,
Am faca tu 'n dallag na buachaill' san achadh,
'S le maide mòr fada a' slacadh nam bà.
Am faca tu 'n giobairneach sealg as na fìrichean,
Am faca tu 'n giobairneach gìomanach treun,
An gobhar is briogais air giùlain nan sìtheann dha,
'S an luchag is gioball oirr' tighinn na dhèidh.
Am faca tu 'n sionnach ag iasgach le dubhan,
'S an fheòrag a' trusadh na shlugan le sgoinn,
An cràigean beag buidhe a' seòladh na luinge,
'S an dòbhran le currac a' mullach a' chrainn.
Chan fhaca mi 'n sionnach ag iasgach le dubhan,
Chan fhaca mi 'n dubh-bheist le currac sa chrann,
Chan fhaca mi 'n dallag no 'n fhìdean nach fhan mi,
Ach chì mi mo chaileag na cadal lem rann.