Far Am Bi Mi Fhìn
Lyrics:
Far am bi mi fhìn is ann a bhios mo dhòchas

Far am bi mi fhìn bidh mo dhòchas ann.
Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich

Thèid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobaire

'S nì sinn brod an ruidhle leinn fhìn air an làr.
Fhuair mi fios bho Shìne gu robh tromb is cìr aice

Ged a bhiodh gach pìobaire is fìdhleir nan tàmh.