Feasgar Agus Ceò Ann
Lyrics:
Feasgar agus ceò ann 's mi Steòrnabhagh nan sràid
Bha iad de gach seòrs' ann, is mòran de luchd ceàird
Chan fhaca mi nas bòidhch' ann, na luchd a' chòmhdaich bhlàth
A' bhriogais ghorm 's a' bhòtann, 's am peitean mòr gu h-àrd.
'S ann an Eilean Leòdhais a tha na seòid as fheàrr
Gu tarraing air na ròpan 's gu 'seatadh' nan seòl àrd
Gu treabhadh nan cuan uaine 's gu cumail cruaidh am bàt'
'S cha toir na Gallaich buaidh orr' gun tèid an cuan na thràigh.
Bha mi ann an Alba 's dh'fhalbh mi air gach taobh;
Bha mi ann an Sasainn, am measg nam fasan ùr,
Ràinig mi Ameireagaidh, far bheil a' choille dlùth
Is bheirinn cruinneag bhòidheach, à Leòdhas bheag mo ghaoil.
Ma bhios cùisean còrdaicht, 's gun tèid na dòighean leinn
Bidh seasamhan pòsaidh ann, 's bidh 'n òigridh againn cruinn;
Bidh cuid a' gabhail òrain ann, 's 'melodian' ga sheinn -
Fasan muinntir Leòdhais sna sabhlaichean a' danns'.
Tha fasan ac' an-còmhnaidh an Leòdhas bheag mo mhiann
Bhith ri buain na mònach nuair bhios an treabhadh dèant'
A' cur a' chruidh gu mòintich, 's a' còmhnaidh air an t-sliabh
Gam buachailleachd sna leòidean, 's gam bleoghan leis an fhiar.