Back

Feasgar Foghar air Achadh Bhuana

Lyrics:

Feasgar foghair air acha'- buana,
Saoil sibh fèin nach mi bha suarach!
H-uile tè 's a fear fhèin ri gualainn
Mo leannan donn-sa, gur fhada bhuam e.

Nàile! 'S e mo rùn-s' an cùirteir,
Sgrìobhas litir 's dhan aithn' a dùnadh;
Thèid a-staigh gu bòrd na cùirte,
'S thig a-mach gu cridheil, sunndach.

Nàile! 'S e mo ghaol an saighdear,
Aig am bi na h-airm a' boillsgeadh;
Sgian bheag nan casan daoimean;
'S fhada shiùbhlainn leat an oidhche.

'S trom mo cheum air sàil mo bhrògan,
Dol do'n chlachan air Di-Dòmhnaich;
Bho nach fhaic mi tigh'nn am chòmhdhail,
Am fleasgach donn sin a gheall mo phòsadh.

Ach ma thig thu gu bràth an rathad,
Feuch gun tadhail thu 'n taobh-s' na h-abhainn;
An gaol a bh' againn bidh e 'n glèidheadh,
Gus an càirich saor an snaigheadh.