Fiullaigean
Lyrics:
Sèist
Saoil a Mhòr am pòs thu?
Saoil am pòs thu Fiullaigean?
Saoil a Mhòr am pòs thu?
Theireadh gu leòr nach b' urrainn dhut.
Bha dùil gum bu cheannaiche mòr thu
Aig an robh stòr neo-chumanta,
Gu facas do phoc' ann an òrdugh
Siubhal air tòir nan luideagan.
Nuair dh'èireadh am muir mar na beanntan,
Suas mu na crainn na ultaichean,
Rachadh an sgiobair fo rùm innt'
Dh'fhàgadh e chuibhl' aig Fiullaigean.
'S beag a bha dhùil aig do mhàthair
Gur ann an Àrnoil thuiteadh tu,
An dèidh cho fileant' 's a bha thu
Air an t-snàthaid mhiosailin.
Nuair a thigeadh muir cùil ort
Suas mu shùilean Fiullaigean
Shealladh e rithist cho geur
'S gu faiceadh e sgiath nan cuileagan.
Dhèanadh tu maraich' lìn-mhòra
Dhèanadh tu stòp is buidealan
Chuireadh tu math ann an òrdugh
Cearcall air tòin nan tubannan.
Ged a bha Fiullaigean spàgach,
Dhèanadh e ceàird a h-uile fear,
Chuireadh e lusan sa ghàrradh,
Chuireadh e càl is curranan.
Thog thu taigh geal ann an Àrnol
Anns an robh àird' neo-chumanta;
Staidhrichean cama le sgàthain
Chun an rùim àird aig Fiullaigean.
Bha cuid dhan a' chomann bha suarach
Cuid a bha uasal urramach;
Bha leann McEwan cho làidir
'S thog e droch nàdar Fiullaigean.
De chinneadh Lord Sìofort a bha thu,
Cinneadh bha àrd is urramach,
Shuidheadh sa chathair a b' àird'
Ach rugadh an Àrnoil Fiullaigean.