Fòghnan Na h-Alba
Lyrics:
Sèist
'S e Fòghnan na h-Alba lus ainmeil nam buadh,
Lus grinn nan dos calgach thug dearbh air bhith cruaidh;
Seann suaicheantas morail tìr bhòidheach mo luaidh,
'S tric dh'fhadaich a dheagh-chliù tein' aoibhinn nam ghruaidh.
Lus deas nam meur cròcach nach leònar le stoirm;
Ged 's ionann teachd geàrr air 's laoch dàna fo airm,
'S leis clòimh tha cho maoth-gheal ri faoileig na tràigh,
'S bàrr-ghùcag cho ciùin-ghorm ri sùilean mo ghràidh.
Mo dhùthaich, chan iongnadh mòr chliù air thighinn bhuait
'S a liuthad buaidh-làraich 's deagh ghnàth tha ris fuaight';
An cian is le Albainn luchd-seanchais no bàird
Bidh meas air an dealbh anns gach gorm-bhonaid àird.
Sluagh borb, le droch rùn da, 's tric bhrùchd air a-nuas,
'S tric bhrùchd, ach gun taing dhaibh, a cheann chùm e suas;
Nuair shaoil iad bhith buadhach, 's ann fhuair iad fàth bròin;
Feuch! a' cinn thar an uaighean an Cluaran gun leòn.
Mo bheannachd gu bràth air! Cò 'n Gàidheal no 'n Gall
Nach seasadh gu bàs e, ga theàrnadh o chall!
Cò, ìosal no uasal, bheir cluas do mo dhàn
Nach òladh leam 'Buaidh Leis' o chuachannan làn!