Back

Frìth nan Damh Ruadha

Lyrics:

Air mo hiùraibh a gheallaidh tha mi 'n dùil ri dhol thairis
Gu tìr a chruidh-bhainne san fheòir,
Gu frith nan damh ruadha 's nan aighean gun bhuachaill'
Far an tric thug mi ruaig air an tòir.

Cha b' e iasgach na h-aibhne air ìosal nan srathan
An nì sin a chleachd mi 's mi òg,
Ach bhith dìreadh nan stuc le mo ghunna nach diùltadh
Far an goir an t-eun fionn anns a' cheò.

'S a Mhòrag nigh'n Fhionnlaigh 's beag an t-ìongnadh dhomh d' ionndrainn
'S tric a dh'fhalbh mi leat sunndach gu leòr,
'S a rinn thu dhomh 'n t-eallach gu moch thrath sa mhadainn
'S b' e 'n t' àm dhomh bhith cadal tràth-nòin.

Ged thigeadh an gaillean le sian agus frasan
Gheibhinn dìon agus fasgadh gu leòr,
Ann an uaimhe gan loinneil ann am fàsach is doire
Far an tric chuir mi ruaig air fear cròic.