Back

Fuadach nan Gàidheal

Lyrics:

Gur mise tha tùrsach a' caoidh còr na dùthcha,
'S nan seann daoine cùiseil bha cliùiteach is treun;
Rinn uachdarain am fuadach gu fada null thar chuantan,
Am fearann chaidh thoirt uapa 's thoirt suas do na fèidh.

'S e siud a' chulaidh nàire bhith faicinn dhaoine làidir,
Gam fuadach thar sàile mar bharrlach gun fheum,
'S am fonn a bha àlainn chaidh chur fo chaoraich bhàna,
Tha feanntagach sa ghàradh 's an làrach fo fheur.

Far an robh mòran dhaoine lem mnathan is len teaghlaich,
Chan eil ach caoraich mhaola ri fhaotainn nan àite,
Chan fhaicear air a' bhuaile a' bhanarach le buaraich,
No idir an crodh guaillfhionn 's am buachaille bàn.

Tha 'n uiseag anns na speuran a' seinn a luinneig ghleusta,
'S gun neach ann ga h-èisteachd nuair dh'èireas i àrd;
Cha till, cha till na daoine bha cridheil agus aoigheil
Mar mholl air latha gaoithe chaidh an sgaoileadh gu bràth.