Fuirich a Rìbhinn Phrìseil
Lyrics:
Cha dìrich mi bruthach 's cha siubhail mi còmhnard
Tuilleadh rim bheò is mo smeòrach na tàmh,
Ach èistidh mi ghàire thig o bhàrr nan tonn mòra,
'S dh'fhuiling mi bròn gu leòr air do sgàth.
Oir chunnaic mi 'n eathar a' feitheamh na h-uair',
Is mhealladh i bhuam-sa gruagach mo ghràidh;
Ma sgaradh o chèile sinn, b' èibhinn an uaigh,
Seach an-shocair bhuan, is gun bhuaidh aig a' bhàs.
A mhaighdeann is bòidhche na smeòrach sa Chèitein,
Soilleir an sgeul tha ri leughadh an-dràsta;
Ged 's bòidheach an conasg, gur stobain gu lèir e,
'S faiceallach thèid gach creutair na dhàil.
Le soirbheas 's le sruithean mar ghuidhinn, ad dhèidh,
Gach caladh an tèid thu, gheug an fhuilt thlàth,
Bidh mise trom dubhach air tulaich leam fhìn,
'S mi sruthadh nan deur gu geur air do sgàth.
Nach fuirich thu, rìbhinn phrìseil, phrìseil,
Fuirich a rìbhinn is dìlse na càch,
A mhaighdeann is luraiche, fuirich an Ìle,
Òg-bhean is dìlse chì mi gu bràth.
Ma tha thu gun fhortan, chan eil tochradh a dhìth orm,
Airgead no nì ged nach eil ann ad làimh,
O bheir mi mo mhionnan nach fhaic thu mo mhì-thlachd,
'S gheibh thu bhuam sì-chainnt, seirc agus gràdh.
Fhuair mise litir 's mi fàgail na tìr' seo
Bho fhear a bha dìleas dhomh ann an dàimh,
Chan urrainn mi freagairt 's mo chridh' ann an Ìle,
Glaist' aig an rìbhinn 's ise 'n Ceann-tràigh.
Mo shoraidh don Oa, gu bean òg a' chùil shnìomhain
'S deimhinn leam fhìn gun tug mi dhut gràdh,
Ach ma bhios mi maireann thèid mi fhathast do dh'Ìle
'S dhut-sa gu cinnteach bheir mi mo làmh.