Gabhaidh Sinn Am Bàta
Lyrics:
O gabhaidh sinn am bàta tha seòladh thar an t-sàile,
O gabhaidh sinn am bàta mòr àlainn;
Thàinig deireadh air ar cuairt 's thèid sinn dhachaidh thar a' chuain
Fhuair sinn slàint' is spionnadh nuadh ann an Geàrrloch.
Fhuair sinn fàilte bhon an t-sluagh air an robh sinn eòlach uair,
Tha iad uile fhathast uasal nan nàdar;
Chan eil cinneach fon a' ghrèin tha cho càirdeil riutha fhèin,
'S iad a' cuideachadh a chèile mar b' àbhaist.
Thoir mo bheannachd do na beanntan, 's mo bheannachd do na glinn,
Mìle beannachd bidh mi seinn dhaibh 's gach àite;
Gach eas is coire 's maol, achadh, machair agus raon,
Caoil is lochan agus aonaichean àrda.
Gu robh beannachdan Mhic Dhè ga bhur leantainn anns gach ceum
Gus an ruig sibh ceann bhur rèis taobh thall Iòrdan;
Gus an coinnich sinn a-rithist ann a' lùchairt an Àrd Rìgh
Gu robh Slànaighear gu dìreach gar seòladh.