Back

Gad Ionndrainn

Lyrics:

Nach mise tha gu trom, glas chiabhag nam cheann
Tha mi brist' tha mi aonranach, brònach,
Oir tha màthair mo chloinn, bean mo ghaoil 's mo mhnaoi
Anns a' chladh air an Aoigh fo na fòidean.

Cha thuig duine gu bràth meud mo mhulaid 's mo chràidh
Tha mo chlann air an fhàgail gun mhàthair;
'S chan eil madainn no oidhch' nach bi mi ga caoidh
Air a son shil mi na deòirean gun nàire.

Tha an sgiath a bha blàth air a càradh sna clàir;
Bha do bhàs dhuinn mar dheireadh an t-saoghail
Oir tha 'n dachaigh bha blàth le gaol agus gràdh
Air a creachadh 's na bannan air sgaoileadh.

Cha tèid mionaid do bhàis às mo chuimhne gu bràth
Bha do chlann air do chùram nad èiginn;
Nuair dhùin mi do shùil gu robh bòidheachd do ghnùis
Mar an ròs fon an driùchd anns a' Chèitean.

Tha mi cinnteach, a luaidh, gu bheil thu 'm Pàrras ud shuas
Tha na dh'fhuiling thu nis air do chùlaibh,
'S gus an dùin mi mo shùil anns a' chadal nach dùisg
Gad ionndrainn bi mi is toirt cliù dhut.