Gaol an t-Seòladair
Lyrics:
Air feasgar samhraidh Sàbaid 's mi gabhail sràid leam
fhèin,
Na smeòraich 's iad ri ceilearadh gu h-àrd air bhàrr
nan geug;
Mi smaointean air an àrmunn as àill' tha fon a' ghrèin
-
Gur truagh nach robh mi còmhla riut a' còmhradh treis
linn fhèin.
Cha chìobair as na frìthean a dh'fhàg m' inntinn-sa fo
bhròn,
Ach fear a' leadain bhàin a bhios a-ghnàth ris a'
cheòl;
'S nuair a bhios na h-uaislean a' suidhe suas man
bhòrd,
Bidh pìob nan dos dualach aig mo luaidh ga chuir air
dòigh.
Gur lìonmhor màis ri àireamh air an àrmunn dh'fhàs gun
mheang,
Dh'aithnichinn fhìn air fàir' thu a'
teàrnadh leis a' ghleann;
Gu deas air ùrlar clàrach thu a' teàrnadh san
taigh-dhanns',
Troigh shocair am bròig luaisgeanaich 's gach
gruagach ort an geall.
Tha t'anail leam cho cùbhraidh ris na h-ùbhlan 's mi
gam buain,
Do dheud mar an t-ìbhridh 's do shlios mar fhaoileig
cuain;
Do ghruaidhean mar an caorann fo mhala chaol gun
ghruaim,
'S thug mis' an gaol nach dìobair dhut gu sìnear mi san
uaigh.
Thar leam gur mi bha gòrach nuair a thòisich mi ri
dan;
Cha bhàrd a dhèanadh òran mi 's cha chòir dho mh dol
na dhàil;
Tha nitheigin air m' inntinn-sa 's chan fhaod mi inns'
do chàch
Gun tug mi gaol don t-seòladair air long nam mòr
chrann àrd.
Ach innsidh mi an fhìrinn duibh mur bheil mo bharail
faoin;
Tha gaol nam fear cho caochlaideach, 's e seòladh mar
a' ghaoth;
Mar dhriùchd air madainn Chèitein, 's mar dhealt air
bhàrr an fheòir,
Le teas na grèine èirigh e, 's cha lèir dhuinn e sna
neòil.
Tha m' athair is mo mhàthair 's mo chàirdean rium an
gruaim
'S gur tric iad rium ag ràdhtainn gu bràth cha tig ort
buaidh;
Gun dìochuimhnich thu ghòraiche bho t' òige thog thu
suas
'S thug mis' an gaol dhan t-seòladair tha 'n còmhnaidh
air a' chuan.
Gur gòrach mi ghad chaoineadh 's nach caoineadh tu mi
Nach gòrach mi thug gaol dhut 's gu faod thu bhith
gam dhìth
Ach ma 's e lughad mo stòrais a dh'fhàg do dheòin dham
dhìth
Gur fheudar dhomh bhith beò ged nach pòsadh tu mi.
On fhuair mi do litir, a-nis gu bheil mi slàn
Is fàileadh cùbhraidh d' analach far pàipear tana, bàn
Saoilidh mis' an còmhnaidh leis an deòin bha ri
mo ghràdh
Gu robh mi ghaoil gad èisteachd mus do leugh mi dhith
ach pàirt.
'S mas nì e nach eil òrdaichte gun còmhlaich sinn gu
bràth
Mo dhùrachd thu bhith fallain agus thu thighinn
dhachaidh slàn
Ma bhrist thu nis na cùmhnantan, 's nach cuimhne leat
mar bha
O guidheam rogha cèile dhut, 's do laighe is d' èirigh
slàn.