Gaol nan Cruinneag
Lyrics:
Sèist
Èirich is cuir umad 's tiugainn leam,
Èirich is cuir umad 's tiugainn leam,
Èirich is cuir umad, gaol nan cruinneag,
Fàg taigh mòr nan uinneag 's tiugainn leam.
Nuair philleas rinn an samhradh 's a thig am blàths,
Bidh gach meas air meanglan 's gach lus a' fàs,
Falbhaidh mis' is m' annsachd bho thoit is smùid na Galltachd,
'S thèid sinn null gu h-annsail gu gleann an àigh.
Nuair bhios mi fo mhì-ghean is m' inntinn trom,
Mùirneag a' chùil rìomhaich 's i thogadh m' fhonn,
Guth mar cheòl na fìdhle 's a pòg mar bhlas nam fìon-dhearc,
'S truagh nach bu leam fhìn i, mo chruinneag dhonn.
'S cha bhi dìth an earrais ort an Tìr nam Beann;
Nì mi àiteach fearainn dhut le gearran 's crann;
Chan fhaic thu gruaim air m' aodann ach furan agus aoigh ann,
'S chan eil aighear saoghalta nach fhaigh thu ann.