Gillean Ghleann-Dail
Lyrics:
Tha gillean òga tapaidh an Gleann Dail ag èirigh suas
'S cuid aca tha deònach air an lòn thoirt thar a' chuan
Ach èistibh ris an òran rinn MacLeòid a chuir air chuairt
'S bi cuimhn' agaibh an còmhnaidh air nuair sheòlas sibh à
Cluaidh.
Nuair thèid thu òg 's tu aineolach air bòrd air luingean
seòl
Bidh cùisean dhut cho aineolach 's nach aithnich thu gach
ròp
Gur tric a thèid do mhionnachadh 's do sgrios dhan
domhainn mhòr
Mus dìrich thu na cruinn aice cho aotrom ris na h-eòin.
Nuair thig an stoirm na cabhaig ort 's an fhairge cabh na
glinn
Na tonnan uaine chlisgeas tu gam bristeadh mu do dhruim
Na slatan àrda cuireadh riut ged bhiodh tu glè thinn
'S riut fhèin bu tric a chanadh tu, bu mhath a bhith air
tìr.
Chaidh mi tro gach àmhghair anns gach ceàrn tha fo na
neòil
Cha b' urrainn dhaibh mo bhàthadh, cha robh rathad ac' air
no dòigh
Nam biodh a leth a-nochd agam 's na chosg mi anns an òl
Gu faodainn suidhe socair ann fo losgan ri mo bheò.