Back
Griogal Cridhe
Lyrics:
Sèist
Hòbhan òbhan òbhan iri
Hòbhan iri bhà
Hòbhan òbhan òbhan iri
'S mòr mo mhulad fhìn.
'S iomadh oidhche fliuch is tioram,
Sìde nan seachd sian,
Fhuair MacGriogair dhomh-sa creagan
Anns a' faighinn dìon.
Griogal cridhe nam bas geala
Dhòrt iad t-fhuil air fèith;
Chuir iad do cheann air stoc daraich
Tacan beag bhuam fhèin.
'S truagh nach robh biodag nam athair
Diùc a tha na lùib
'S Griogal cridhe nan bas geala
Eadar mo dha làimh.
'S mòr gum b'fheàrr leam Griogal cridhe
'G iomain chruidh le gleann
Na mac Righ le shìod' air lobhtaidh
Cluasag gheal fo cheann.
Ged tha mi gun ulaidh agam
Ulaidh uil' aig càch
'S th' ann tha m' ulaidh 's cùbhraidh anail
'S cùl a chinn ri làr.