Back

Gruagach Dhonn Bhrunail

Lyrics:

A ghruagach dhonn dhan tug mi gràdh
Shìos am Brunal tha i tàmh,
'S a cheart cho luath 's chaidh mi gu sàl
'S ann dh'fhuaraich gràidh na cailin dhomh.

Bheil cuimhn' agad nuair bha sinn òg,
Nuair a chaidh mi ort an tòir?
B' e do bhriathran 's tu toirt bòid
Nach biodh tu pòst' ach agam-sa.

Nam biodh agam riochd nan eun
'S mi gu siùbhladh astar sgiath,
'S thogainn cùrs air an taobh siar
Far 'm bu mhiann leam laighe leat.

Cha do laigh e air mo smaoin
Gun tigeadh dòrainn 'n cois a' ghaoil
Ach 's iomadh meur a th' anns a' chraoibh
Nach fhaic na saoir gun gearrar i.

Mìle beannachd leat, a ghràidh,
'M fear a gheibh thu gheibh e slàint';
Bidh mis' an seo gad chaoidh gu bràth,
'S tu chùm mo thàmh 's mo chadal bhuam.