Guma Slàn a Chì Mi Mo Chailin Dìleas Donn
Lyrics:
Guma slàn a chì mi,
Mo chailin dìleas donn;
Bean a' chuailein rèidh
Air an deise dh' èireadh fonn;
'S i cainnt do bheòil bu bhinn leam
'N uair a bhiodh m' inntinn trom,
'S tu thogadh suas mo chridh'
Nuair a bhiodh tu bruidhinn rium.
Gur muladach a tà mi
'S mi nochd air àird a' chuain,
'S neo-shunndach mo chadal dhomh,
's do chaidreabh fada bhuam;
Gur tric mi ort a' smaointeach,
Às t-aogais tha mi truagh;
'S mur a dèan mi d' fhaotainn,
Cha bhi mo shaoghal buan.
Sùil chorrach mar an dearcag
Fon rosg a dh'iathas dlùth;
Gruaidhean mar na caorann
Fon aodann tha leam ciùin;
Mur d' aithris iad na breugan
Gun tug mi fèin dhut rùn;
'S gur bliadhna leam gach latha
Bhon uair a dh'fhàg mi thu.
Theireadh iad mas d'fhalbh mi bhuat
Gum bu shearbh leam dhol ad chòir;
Gun do chuir mi cùl riut
'S gun dhiùlt mi dhut mo phòg.
Na cuireadh siud ort cùram,
A rùin, na creid an sgleò;
Tha d' anail leam nas cùbhraidh
Nan driùchd air bhàrr an fheòir.
Tacan mun do sheòl sinn
'S ann a thòisich càch
Ri innseadh do mo chruinneig-sa
Nach pillinn-sa gu bràth.
Na cuireadh siud ort gruaimean,
A luaidh, ma bhios mi slàn;
Cha chùm dad idir bhuat mi
Ach saighead chruaidh a' bhàis.
Tha mòran de luchd aimlisg,
'S a sheanchais an droch sgeòil,
An cridheachan mar phuinnsean,
Cha chuimhnich iad air chòir;
Ach na creid an sgeula;
Ma gheibh a' chlèir oirnn còir,
'S ma dh'fhanas sinn bho chèile,
'S i 'n èiginn a bh' air oirnn.
Tha 'n snaim a nise ceangailte,
Gu daingeann agus teann;
'S e their luchd na fanaid rium
Nach eil mo phrothaid ann:
'M fear aig am beil fortan
Tha crois aige na cheann,
'S tha mise taingeil, toilichte
Ged tha mo sporan gann.