Gur Moch Rinn Mi Dùsgadh
Lyrics:
Gur moch rinn mi dùsgadh san ùr-mhadainn Chèit',
'S a dhìrich mi 'm bruthach gun duin' ach mi fhìn;
Tha ghrian air a turas a' siubhal tron speur,
Dealt na h-oidhche a' tùirlinn thar ùr dhos nan geug.
A' dìreadh an aonaich ri aodann a' chùirn
'S binn torman a' chaochain as aoigheil bùrn,
Le ròis air gach taobh dhith ag aomadh fon drùchd,
'S e ri deàrrsadh na grèine ag èirigh na smùid.
'S binn na h-eòin feadh nam preasan gu leadarra seinn;
Tha 'n uiseag làn sòlais ri ceòl os mo chionn:
Na ba-laoigh anns a' gheumnaich air an rèidhlean ud thall,
'S mac-talla nan creagan gam freagairt air ball,
'S àlainn trusgan a' ghlinne suas ri binnean nan stùc;
'S cùbhraidh boltrach nan luibhean nam chuinnein mar
thùis;
Ged 's bòidheach gach doire anns a' choillidh 's a'
bhrùchd,
Ged tha 'm barrach cho ùrail cha dùisg e mo shunnd.
An seo air faobhar a' mhullaich gur muladach mi -
Ceann-adhbhair mo thuiridh leam gur duilich ra innse;
Nach dìrich mi tuilleadh ri munadh san tìr -
Nach dèan mi cùis-ghàire 'n ghleann àillidh mo chridh'.
Bheir mi sùil thar a' bhealaich air na beanntan mun
cuairt;
Seo an sealladh mu dheireadh air gach gleannan is bruaich;
A' fàgail leibh beannachd, 'n àm dealachadh uaibh,
A' teàrnadh an aonaich 's iad mo smuaintean tha truagh.
Ach is tìm dhomh bhith 'g èirigh 's bhith teàrnadh on àird
Cha dèan luinneagan feum dhomh, cha dèan èigheach dhomh
stàth:
Feuch am bàta fo còmhdach aig còmhnard na tràgh,
Tha gam ghiùlan null thairis à gleannan an àigh.