Gur Trom, Trom A Tha Mi
Lyrics:
Sèist
Gur trom, trom a tha mi;
Gur trom a tha, 's chan aithne leam;
Gur truime 'n-diugh na 'n-dè mi
On tha cùl-dèigh mo leannain rium.
Gur trom, trom a tha mi.
Tha long mhòr a' seòladh
'S cha tig i chòir an fhearainn-sa;
Cha taobh i 'n t-eilean Diùrach
'S ann tha mo rùn-sa dh'fhearaibh innt'.
'S duilich leam gun d' ghluais thu
On bha ghaoth tuath cho bagarrach;
'S e tonn a rinn do bhualadh
Gur truagh leam gun do thachair e.
Tha ìslean agus uaislean
Air druim a' chuain gun charachadh;
Mo leannan fear chùil dualaich
Ga bhualadh ris na sgallaichean.
Ged chaidlinn-sa air cluasaig
Cha bhi mi uair gun charachadh;
Gad fhaicinn ann am bruadar
A luaidh, cho fad 's is maireann mi.
Ged chluinninn-sa ceòl fìdhleadh
Cha togadh dhìom an t-eallach seo;
Guth fidheall na guth clàrsaich
Mo chridhe blàth cha charaich iad.