Back

Gura Muladach Sgìth Mi

Lyrics:

S gura muladach sgìth mi
'S mi leam fhìn san tìr aineoil,
Anns na h-Eileanan Diùrach
'S mòr mo dhùil ri dhol thairis,
Hai ò

Anns na h-Eileanan Diùrach
'S mòr mo dhùil ri dhol thairis,
'S mi gun phiuthar gun bhràthair
Gun mhàthair gun athair,
Hai ò

'S mi gun phiuthar, gun bhràthair,
Gun mhàthair, gun athair,
Gun duine dhem dhaoine
Ris am faod mi mo ghearain,
Hai ò

Chì mi bàta tron chaolas:
Tha mo ghaol-s' orra dh'fhearaibh.

Tha mo leannan ga stiùireadh,
Lùb ùr a' chùil chlannaich.

Lùb ùr a' chùil chùbhraidh,
'S toigh leam fhìn do chaol mhala,

Bu tu leannan na maighdinn
'S an oidhche ga mealladh,

'S a dh'iarraidh a pòigeadh
Eadar dheòin agus aindeoin,

Bu tu sealgair a' choilich
'S moiche ghoireas sa mhadainn

'S na circeige riabhaich
Dham bu bhiadh a' fraoch meangain,

'S na circeige duinneadh
Bheir a gur às an rointich.

'S na faighinn-sa m' òrdan
Bu leat mòran do dh'fhearann:

Bu leat Muil' agus Ìle,
Cinn Tìre agus Arainn

Hai ò, 's na hì aibh oho
Hill òhorò hò
Hai ò 's na hì aibh oho
Hi rì na hì rì rì dhiù a
Hill iù na hug hòireann oho
Èileabh òhorò hò.