Back

Hè Ro Nighean

Lyrics:

Sèist

Hè ro nighean, hò rò nighean,
Hè ro nighean chinn duibh àlainn,
'S duilich leam gun tug iad bhuam thu,
'S càch a bhith gad luaidh gach là rium.

Chan eil nì a dhèanadh tèile
Nach cuireadh tu fhèin do làmh ris;
Nigheadh 's chàireadh tu mo lèine
Bhleoghnadh tu mo sprèidh air àirigh.

'S iomadh oidhche fad a' gheamhraidh,
Sneachda trom is cabhadh làir ann,
Ràinig mi thu le deagh dhùrachd
Ged tha an-diugh fear ùr nam àite.

Bha mi dìleas dhut mar leannan,
Bha mi fagas dhut mar bhràthair,
Ach a-nis on chuir thu bhuat mi
Dh'fhàg thu mi mar uan gun mhàthair.

Thug mi còrr is ràith den bhliadhna
'S mi gad iarraidh air do mhàthair;
'S on nach d' fhuair mi mar bu mhiann leam,
Thilg mi bhuam an lìon 's am bàta.