Back

Hi Ho-Rò 'S Na Ho-Rò Eile

Nuair a Bha Mi nam Chaileig Ghoraich

Lyrics:

Sèist

Hì ho rò 's na hò rò èile,
Hì ho rò 's na hò rò èile,
Hì ho rò 's na hò rò èile,
Gur tu mo luaidh rim bheò cha cheil mi.

Nuair a bha mi 'm chaileig ghòraich
Thug mi gaol is gràdh don òigear
Aig a bheil a' phearsa bhòidheach;
'S cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile.

Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan;
Chuir mi ùidh am fiùran maiseach -
'S ann an Glaschu nam bùthan
A thug mi rùn don diùlnach fearail.

Meur as grinn air peann a sgrìobhas,
'S a chuir gleus air teudan fìdhle;
'S e do cheòl a thogadh m' inntinn
An uair a bhithinn sgìth fo smalan.

Do chùl dualach, cuachach, bòidheach,
Falt do chinn mar it' an lòn-duibh,
Do dhà ghruaidh air dhreach nan ròsan
'S iad fo dhealta ceò na maidne.

Tha do chalpa cuimir, dìreach,
Mar bhradan aibhne ruith gu fìor-ghlan;
'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut
Am measg na bheil de shluagh air thalamh.

Ach tha mise 'n dùil 's an dòchas
Gun tig an latha sam bi sinn còmhla,
'S ma bhios tusa dìleas dhomh-sa
Cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile.