Hi Ho Rò Tha Mi Duilich
Lyrics:
Sèist
'S o ho rò tha mi duilich, tha m' aignidhean uile fo leòn,
Gun cheòl-gàire na cuideachd, 's sinn uil' air bheag dòchas;
Mo shùil air a' mhuir 's e na ultaichean mòr
Tighinn thairis air bòrd tron oidhche.
'S e ochdar a sgioba a bh' againn air bòrd,
Am balbhan, a' Loonaidh, is seisear a' chòrr;
'S e 'm balbhan bu tapaidh gu tarraing nan ròp,
Chan iarradh e' n còrr ach ol' ungaidh.
Bu choma leat cò dheigheadh thoirt ròp às do làimh,
Cha b'e balach le gòmadh bu chòir a dhol ann;
Gun sgiol feòil air do chnàmhan, do ghàirdeanan lom
A' ruith suas air an druim aic' gun mhògag.
Nam biodh fios aig mo mhàthair mar bha mi bho raoir,
Cha chaidleadh i sàmhach 's a làmh fo a ceann;
Mi fuar is mi acrach 's mi airtneulach, fann,
'S mo leabaidh-s' bha raoir air droch òrdugh.
'S e trì cheud is trì fichead is aonan 's a dhà
B'e sin àireamh na culaidh 'n taigh-chusbainn na h-Àrd
Ma ruigeas i dhachaidh bidh a cliù as gach àit'
Gun sheas i ri blàr, nach do shtrìochd i.
Mo bheannachd aig Iseabail nighean an àigh,
Nuair sheas i cho duineil 's i ceangailt' air chearraig,
Mar cheap anns an fhairge 's am muir a toirt tàir' dhith
Ga fuadach bho chàirdean 's luchd-eòlais.
'S nuair sguir sinn a tharraing 's a fhuair sinn air being
Chaidh an crann mòr air a chasan 's na balaich le sgoinn;
Chaidh a' foresail a chàradh gu h-àrd as na cruinn
'S i mar òg-bhean na bainns' dol a phòsadh.