Back

Ho Mo Luran

Lyrics:

Sèist

Ho mo luran, he mo luran
Ho mo luran, fliùr mo ghraidh-sa,
Deàn an cadal air mo ghlùinean
Dùin do shùilean ciùine tlàtha.

Bidh mo luran anns a' mhuillean
Thèid e sgiobalt chun na h-àirigh,
Thèid mo ghaolsa mach an t-aonach
Chruinneachadh nan caorach bhàna.

Rinn thu 'n cadal 's dhùin do shùilean
Thuirlinn brat an Tì as àird ort,
Tha thu cuartaichte le aoibhneas
Ainglean coibhneis cumail blàiths ort.