Back
Ho Ro Chaidil M' Eudail
Lyrics:
Sèist
Ho rò chaidil m' eudail,
Ho rò chaidil m' eudail,
Ho rò chaidil m' eudail,
'S ma chaidil slàn gun èirich.
Mo chagaran gur lurach thu,
Mo chagar 's tu tha bòidheach;
Do ghruaidhean mar na subhagan,
'S do bhilean mar na ròsan.
Do ghruaidhean mar na subhagan,
'S do bhilean mar na ròsan,
A' cadal air mo chluasaig
Nad chluais tha mi ri crònan.
O nì mi brochan bainne dhut
Is nì mi brochan eòrna,
Bheir d' athair meann à fireach dhut
'S breac à linne air Lòchaidh.