Back
Ho Rò Gun Togainn Air Hùgan Fhathast
Lyrics:
Sèist
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast
Ho rò i ò, mun tèid mi laighe
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast.
Togamaid fonn air luadhadh a' chlòthainn
Gabhaidh sinn ceòl is òrain mhatha.
B' fheàird an clò bhith chòir nan gruagach
Dhèanadh an luadhadh buan len làmhan.
Nuair a thionndas iad air clèith e
Chluinnte fuaim gach tè dhiubh labhairt.
Òrain ghrinne, bhinne, mhìlse,
Aig na rìbhinnean gan gabhail.
Luinneag ac' air luadhadh an aodaich,
Sunndach, saothrachail ri mathas.
Guma slàn a bhios na caoraich,
Air an d' fhàs an t-aodach flathail.
Beannachd air an làimh a shnìomh e,
'S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe.
'S ann a tha 'n toil-inntinn aodaich
Aig na daoin' a bhios ga chaitheamh.